2003 UNESCO Convention for the Safeguarding of the Intangible Cultural Heritage - łŇąđĂ °ů°ů-łŚłółÜ˛Ô˛ÔłŮ˛š˛ő: GĂ idhlig
Updated 12 April 2025
łŇąđĂ °ů°ů-łŚłółÜ˛Ô˛ÔłŮ˛š˛ő
Tha sinn airson gum bi daingneachadh Cunnradh 2003 aâ tòiseachadh còmhradh air feadh na RA mu ar dualchas cultarach â beul-aithris, cluich, cleachdaidhean agus obair-ciĂšird aig a bheil Ă ite cudromach ann an dearbh-aithne, pròis, agus co-leanailteachd choimhearsnachdan air feadh na RA â agus mar a tha sinn aâ dĂŹon an dualchais chultarail do-bheantainn seo, ris an can sinn âdualchas beòâ còmhla.
Bha aâ cho-chomhairle seo na phĂ irt de thoiseach aâ chòmhraidh mu dhualchas beò san RA agus tha sinn air obrachadh gu dlĂšth leis na Riaghaltasan Tiomnaichte gus an fhreagairt seo aontachadh.
Is e raon farsaing a thâ ann an dualchas beò a tha aâ gabhail a-steach grunn raointean poileasaidh eadar-dhealaichte agus mar sin gu tric cha bhi freagairt ann a fhreagras air na h-uile rud, ach bidh sinn aâ dèiligeadh ris na clĂ ran-innse agus air buileachadh aâ Chunnraidh nas fharsainge leis na prionnsapalan gu bheil dualchas beò stèidhichte sa choimhearsnachd, in-ghabhalach, suimeil agus fosgailte.
Bâ e ar dòigh-obrach san fharsaingeachd a bhith aâ cuimseachadh air cĂšisean practaigeach mu bhith aâ stèidheachadh nan clĂ ran-innse agus tha sinn air phrĂŹomh phuingean aontachadh mun adhbhar:
-
Cumaidh na clĂ ran-innse taic ri bhith aâ comharrachadh agus ag aithneachadh dualchas beò san RA tro phròiseas âclĂ radh stuicâ, agus cuidichidh iad le bhith aâ cur ri mothachadh agus aâ cumail taic do chòmhraidhean mu dhĂŹon san Ă m ri teachd.
-
Chan eil na slatan-tomhais airson nithean a chur ris aâ chlĂ r aâ gabhail a-steach breithneachadh air luachan, measadh no a bhith aâ seòrsachadh chudromachd, no slat-tomhais sam bith eile coltach ri seo.
-
Tha e coltach gum bi na buannachdan bho bhith anns na clĂ ran-innse eadar-dhealaichte airson gach nĂŹ agus coimhearsnachd, ach dhâfhaodadh iad a bhith aâ gabhail a-steach barrachd mothachaidh, aithneachaidh, a bharrachd air cothroman airson barrachd com-pĂ irteachadh agus co-obrachaidh.
-
Thèid na clĂ ran-innse Ăšrachadh agus bidh gairmean fosgailte cunbhalach do choimhearsnachdan gus an cuid dualchais beò a chur air adhart. Chan e inneal mapaidh, no clĂ r de dhualchas beò san RA a thâ annta agus chan eilear an dĂšil gum bi iad nan encyclopaediathan no nan tasglannan.
-
Ma tha nĂŹ air a ghabhail a-steach do na clĂ ran-innse, chan eil seo aâ ciallachadh leis fhèin gu bheil uallach no dleastanas air buidheann, comann no riaghaltas sam bith taic dhĂŹreach a thoirt dhan nĂŹ sin.
-
Tha na clà ran-innse nam pròiseasan dachaigheil a tha eadar-dhealaichte ris na liostaichean a tha air an cumail aig UNESCO.
Cumaidh sinn oirnn aâ cleachdadh teacsa aâ Chunnraidh airson aâ mhĂŹneachaidh aontaichte air dualchas cultarail neo-stuthach no dualchas beò, ach tha sinn cuideachd ag aithneachadh gun gabh ciall aâ mhĂŹneachaidh a thuigsinn ann an diofar dhòighean (âs dòcha a dhâaona ghnothach). Ach cha chleachd sinn briathran leithid âtraidiseantaâ, âco-aimsireilâ, âfĂŹorâ no âdualchasâ nuair a tha sinn aâ mĂŹneachadh dè tha na eisimpleir de dhualchas beò is dè nach eil no dè bu chòir a bhith anns na clĂ ran-innse.
Leanaidh sinn an seasamh ris an do ghabh an Cunnradh agus cha ghabh sinn ri tagraidhean airson creideamhan eagraichte agus airson siostaman creideas gu h-iomlan, ach cuiridh sinn fà ilte air tagraidhean mu chleachdaidhean cultarail co-cheangailte ri creideamh. Cuiridh sinn fà ilte air tagraidhean aig a bheil cà nan mar mheadhan, agus bheir sinn taic do ghrunn chà nanan ionadail, dÚthchasach le eadar-theangachadh (a bharrachd air a bhith ag obair gu dà -chà nanach sa Chuimris a rèir riatanasan reachdail), ach cha chuir sinn a-steach na cà nanan fhèin sa chlà r-innse.
Slatan-tomhais
Bha taic là idir ann am freagairtean na suirbhidh airson nan slatan-tomhais a chaidh a mholadh le còrr is trÏ chairteal den luchd-fhreagairt ag aontachadh riutha. Mar thoradh air beachdan agus molaidhean, tha sinn air na slatan-tomhais a chaidh a mholadh a chumail, air dhà dhiubh a chur còmhla airson adhbharan practaigeach agus air trÏ a bharrachd a chur ann gus am bi cÚisean nas soilleire.
-
Feumaidh e a bhith na chleachdadh aig an Ă m seo. Airson a bhith air a mheas airson a dhol do na clĂ ran-innse, feumaidh coimhearsnachd bheò a bhith aig an nĂŹ aig a bheil eòlas air mar a nithear an nĂŹ, agus as urrainn an rud a thar-chur do na ginealaichean ri teachd. Bu chòir do thagraidhean fiosrachadh a thoirt seachad mu bheothalachd an nĂŹ aig an Ă m seo agus san Ă m ri teachd, agus a bhith aâ cur an cèill a bheil aâ choimhearsnachd a tha aâ cur a-steach an nĂŹ den bheachd gu bheil e ann an cunnart, m.e. a bheil e ann an cunnart a dhol bĂ s gun atharrachadh mòr air an ĂŹre tar-chur lĂ ithreach.
-
Faodaidh e bhith bho Ă ite sam bith aig Ă m sam bith, ach feumaidh fiosrachadh a bhith ann mu eachdraidh agus tar-chur taobh a-staigh na coimhearsnachd buntainnich. Chan fheum an rud a bhith de dhâaois sònraichte no a bhith air a thoirt seachad Ă ireamh sònraichte de thursan eadar ginealaichean agus faodaidh e a bhith bho Ă ite sam bith agus bho dhuine sam bith.
-
Feumaidh gur e an cleachdadh beò fhèin a bhios ann. Bu chòir tagradh do na clĂ ran-innse a bhith aâ gabhail a-steach fiosrachadh mu eileamaidean co-cheangailte ris an nĂŹ far a bheil sin iomchaidh, ach chan urrainn dha a bhith aâ gabhail a-steach innealan, ionnstramaidean, èideadh, stuthan is eile co-cheangailte ris a-mhĂ in no a bhith aâ gabhail a-steach toradh, bathair no stuth a chaidh a chruthachadh mar thoradh air an dualchas bheò a-mhĂ in.
-
Feumaidh e a bhith a rèir inbhean chòraichean daonna a chaidh aontachadh gu h-eadar-nĂ iseanta. Mar eisimpleir, feumaidh e a bhith a rèir còraichean dhaoine eile a bhith gun lethbhreith agus a bhith aâ faighinn lĂ imhseachadh co-ionann, a rèir prĂŹobhaideachd, saorsa smaoineachaidh agus cur an cèill, agus a rèir na còrach com-pĂ irteachadh ann am beatha shòisealta agus chultarach.
-
Feumaidh cead fiosraichte a bhith ann bhon choimhearsnachd ro lĂ imh. Feumaidh an tagradh fianais a thoirt seachad gu bheil aâ choimhearsnachd aig a bheil an cleachdadh air cead a thoirt seachad gun tèid an nĂŹ dualchas beò a chur a-steach do na clĂ ran-innse.
-
Feumaidh buannachd choimeirsealta sam bith bho nÏ an dualchais bheò a bhith airson prÏomh bhuannachd na coimhearsnachd.
Còd Beusachd
Chuala sinn cuideachd grunn bheachdan agus mholaidhean co-cheangailte ri slatan-tomhais eile, ach bha dÏth co-aonta no dÏth bunait oibseactach ann airson nÏ a mheasadh mu choinneamh nan slatan-tomhais, agus mar sin an à ite sin tha sinn air còd beusachd a chur ri chèile.
Bu chòir coimhearsnachdan a tha aâ dèanamh tagraidhean beachdachadh air aâ chòd beusachd, agus dhâfhaodadh e cuideachadh còmhraidhean fhiosrachadh san Ă m ri teachd mu dhĂŹon, ach cha bhi e na phĂ irt de na slatan-tomhais airson a bhith aâ cur rudan ris na clĂ ran-innse.
-
Bu chòir spèis a thoirt do bheathaichean, nà dar, agus dhan à rainneachd.
-
Bu chòir dha urram a thoirt do na frèaman laghail nà iseanta là ithreach agus a bhith ag adhartachadh deagh shlà inte, sunnd agus sà bhailteachd dhaibh fhèin agus do dhaoine eile.
-
Bu chòir dha cur ri sĂŹth, spèis, co-leanailteachd sòisealta agus in-ghabhail, agus leth-bhreith a sheachnadh taobh a-staigh an cleachdaidhean dualchais beò fhèin, ann an coimhearsnachdan nas fharsainge, agus nuair a bhios iad aâ co-obrachadh le cleachdaichean dualchais beò eile.
¸é´Çžą˛Ô˛Ôąđ˛š˛Ô-˛őąđò°ů˛ő˛š
Bha na prĂŹomh chòmhraidhean sa chuspair seo aâ gabhail a-steach a bhith aâ faighinn cothromachadh eadar a bhith aâ cumail nan roinnean-seòrsa aig UNESCO airson co-obrachadh furasta, agus a bhith aâ dèanamh cinnteach gu bheil na roinnean-seòrsa agus am briathrachas cho feumail agus cho ruigsinneach âs a ghabhas airson co-theacs na RA.
Cumaidh sinn na còig roinnean-seòrsa aig UNESCO agus cuiridh sinn dĂ a bharrachd ann: âSpòrs is Geamannanâ agus âCleachdaidhean BĂŹdh is Digheâ. Cuiridh sinn ainmean Ăšra air na roinnean-seòrsa agus sĂŹmplichidh sinn am briathrachas, aâ gabhail a-steach a bhith aâ toirt iomradh soilleir air TĂŹr is Creideamh.
-
Beul-aithris Dualchas beò co-cheangailte ri conaltradh labhairteach agus neo-labhairteach a thathar aâ cleachdadh gus eòlas, luachan cultarail is sòisealta agus cuimhne choitcheann a thoirt air adhart. Dhâfhaodadh eisimpleirean a bhith aâ gabhail a-steach seanfhacail, tòimhseachain, òrain, rannan chloinne, no seanchas.
-
Na h-ealain-chluiche Dualchas beò co-cheangailte ri cluiche agus cruthachalachd daonna. Dhâfhaodadh eisimpleirean a bhith aâ gabhail a-steach diofar chleachdaidhean ciĂšil, dannsa no drĂ ma.
-
Cleachdaidhean Sòisealta Dualchas beò a tha gu tric air a cho-roinn agus anns an gabh buidheann pĂ irt. Dhâfhaodadh eisimpleirean a bhith aâ gabhail a-steach cleachdaidhean mĂŹosachain no rĂ itheil, fèisean, tachartasan comharrachaidh no deas-ghnĂ than.
-
NĂ dar, TĂŹr, agus Spioradalachd Dualchas beò co-cheangailte ris an Ă rainneachd agus ri creideamh. Dhâfhaodadh eisimpleirean a bhith aâ gabhail a-steach dòighean togail, siostam stiĂšireadh fearainn, eòlas mu chuid de bheathaichean is lusan is eag-eòlasan.
-
°äąđĂ °ůťĺ˛š˛Ô Dualchas beò co-cheangailte ri sgilean, eòlas agus a bhith aâ dèanamh rudan, an dĂ rna cuid le lĂ imh no le taic bho innealan. Dhâfhaodadh eisimpleirean a bhith aâ gabhail a-steach cleachdaidhean sònraichte co-cheangailte ri fighe, snaidheadh fiodha, crèadhadaireachd, goibhneachd no clachaireachd.
-
Spòrs is Geamannan Dualchas beò co-cheangailte ri geamannan, co-fharpaisean no gnĂŹomhan a dhâfheumas oidhirp chorporra agus/no sgil. Dhâfhaodadh eisimpleirean a bhith aâ gabhail a-steach tachartasan spòrs no geamannan mar chur-seachad.
-
Cleachdaidhean BĂŹdh is Dighe Dualchas beò co-cheangailte ri ullachadh agus caitheamh bĂŹdh is deoch. Dhâfhaodadh eisimpleirean a bhith aâ gabhail a-steach a bhith aâ dèanamh biadh sònraichte no aâ roinn biadh is deoch gu sòisealta.
Na h-ath cheuman
Foillsichidh sinn barrachd fiosrachaidh agus stiĂširidh air mar a chuirear ris clĂ ran nuair a dhâfhosglas sinn aâ ghairm airson tagraidhean nas fhaide air adhart am-bliadhna.